launch player
4

Iseabail Nic an t-Sagairt agus Clare Jordan

Ann an 2011 chaidh pròiseact a chur air dòigh ann an Ìle gus daoine òga san eilean a bhrosnachadh ùidh a ghabhail nan dualchas Gàidhlig. Mar phàirt den phròiseact Rogha Bàrdachd Ìle sgrìobh neach-ciùil ionadail Clare Jordan ceòl ùr do fhaclan air an toirt bho dàin sgrìobhte le bàird Ile. Bha fear de na pìosan a rinn Clare stèidhichte air an tuireadh do Lachlan Mòr MacIlleathain bho dhàn Uilleim MhicDhunlèibhe “Blàr Thràigh Ghruineart”. Bha buaidh cho mòr aig ceòl Clare oirnn gun do dh’iarr a’ chòisir oirre ann an 2012 dà òran eile a sgrìobhadh stèidhichte air an aon dàn. Air tàilleabh sin tha trì fuinn ann am Blàr Thràigh Ghruineart, còisir bhoireannach, còisir fhear agus aon don chòisir air fad. Tha na h-òrain sin a-nis air clàr Còisir Ghàidhlig Ìle ‘Sruth air a’ Charraig’ agus bha iad air an seinn mar òrain fèin-thaghte aig Mòd Nàiseanta Dhùn Omhainn ann an 2012.

Bha na trì òrain Blàr Thràigh Ghruineart nam bunait ann am pròiseact coimhearsnachd ris an abrair Blàr. Leis na h-òrain aig an teis-mheadhan sgrìobh Clare Jordan ceòl eile, agus le Iseabail Nic an t-Sagairt mar rìochdaire thug sinn a-staigh taic bho chòrr is 110 luchd-ciùil ionadail – a’ mhòr-chuid nan òigridh. Nuair a chaidh an cur ris an 30 ball sa chòisir thug sin dhuinn còrr is 140 com-pàirtichean. Bha a h-uile sgoil agus buidheann ciùil san eilean an sàs leis an tachartas a thug a-staigh fiolm mìorbhaileach le dealbhadair ionadail Raymond Lafferty.
Bha dà chuirm-chiùil làn de Bhlàr ann an talla Bhogh Mhòir, Ìle, air feasgar 30 Cèitean 2013. Tha DVD agus leabhran ri fhaotainn.

 

blàr preface in english from sound of jura on Vimeo.

Blàr 30 05 2013 – Bowmore Hall from sound of jura on Vimeo.

Tha sinn buidheach ‘son taic bho:

Brath naidheachd Blàr

Brath naidheachd Blàr

Brath naidheachd A2

Brath naidheachd A2

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Awards for All

Bòrd na Gàidhlig

Caledonian Mac a’ Bhruthainn

Comunn na Gàidhlig
The Mactaggart Third Fund

The Schroder Foundation

Iomairt Ghàidhlig Ìle agus Dhiùra

 

CD

Birlinn Cholla Chiotaich

Birlinn Cholla Chiotaich http://coisirghaidhligile.co.uk/gaelic/wp-content/uploads/2015/02/Birlinn-Cholla-Chiotaich-Extract.mp3

Colla mo Rùn

Colla mo Rùn http://coisirghaidhligile.co.uk/gaelic/wp-content/uploads/2015/02/Colla-mo-Rùn-Extract.mp3

Ò Albainn Caoidh

Ò Albainn Caoidh http://coisirghaidhligile.co.uk/gaelic/wp-content/uploads/2015/02/Ã’-Albainn-Caoidh-Extract.mp3

Sruth Air a’ Charraig

Innlichte, dèante agus measgaichte le Giles Perring de Sound of Jura