launch player

Mu Ar Deidhinn

Tha eachdraidh fhada agus dualchas làidir aig seinn còisire Ghàidhlig ann an Ìle. Gus o chionn goirid bhiodh còisir aig a’ mhòr-chuid bhailtean no sgìrean ann an Ìle. Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìle a chruthachadh ann an 2005 mar an t-iar-theachdaiche do Chòisir Ghàidhlig Phort Ilein, a bha na còisir baile mu dheireadh air fhàgail san eilean. A-nis tha Còisir Ghàidhlig Ìle na h-aon còisir Ghàidhlig a’ riochdachadh an eilein air fad. Bidh buill air an tarraing bho gach ceàrn an eilein agus cuiridh sinn fàilte air a h-uile duine – às bith an comas ann an Gàidhlig no ceòl.

Tro na bliadhnachan mu dheireadh choisinn a’ chòisir buaidhean mòra ann am Mòdan ionadail agus Nàiseanta.

‘S e Arlene NicEarail ar stiùiriche-ciùil aig a bheil cliù stèidhichte mar stiùirche-ciùil na còisire soirbheachaile Còisir Òg Ghàidhlig Ìle.

Prìomh Dhaoine agus Oifigearan

Stiùiriche-ciùil:
Arlene NicEarail

Stiùiriche-Gàidhlig:
Libby Morris

Ceann-suidhe:
Fearghas Muir

Rùnaire:
Alison Gray

Ionmhasair:
Alasdair Gillies

Buill Ùra
Ma bhios ùidh sam bith agaibh ann am ballrachd na còisire nach tig sibh còmhla rinn aig trèanadh gus am faic sibh nam bu toigh leibh e. Cruinnichidh sinn gach Diardaoin ann an Talla Bhogh Mhòir aig 7.30f agus bidh fàilte chridheil romhaibh. Mairidh trèanadh mu uair an uaireadair gu leth.
Chan fheudar dhuibh a bhith comasach air ceòl a leughadh no Gàidhlig a bhruidhinn ‘son seinn sa chòisir – bheir sinn cuideachadh leis a dhà – ‘s e deòin agus guth reusanta air fad ‘s a tha dhìth.


‘Son barrachd fiosrachaidh air eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ann an Ìle, gabhaibh sùil air ar duilleag facebook.facebook.

twitter Leanaibh sinn air twitter

CD

Birlinn Cholla Chiotaich

Birlinn Cholla Chiotaich http://coisirghaidhligile.co.uk/gaelic/wp-content/uploads/2015/02/Birlinn-Cholla-Chiotaich-Extract.mp3

Colla mo Rùn

Colla mo Rùn http://coisirghaidhligile.co.uk/gaelic/wp-content/uploads/2015/02/Colla-mo-Rùn-Extract.mp3

Ò Albainn Caoidh

Ò Albainn Caoidh http://coisirghaidhligile.co.uk/gaelic/wp-content/uploads/2015/02/Ã’-Albainn-Caoidh-Extract.mp3

Sruth Air a’ Charraig

Innlichte, dèante agus measgaichte le Giles Perring de Sound of Jura